Nuadh-eòlas
Nuadh Eòlas AS1 – AS2: (Nelson Thornes/Stòrlann) - Bhuannaich Nuadh-eòlas AS1-AS2 duais nàiseanta nuair a chaidh a thaghadh mar aon de na leabhraichean sgoile a b’ fheàrr a nochd ann an 2004. Tha, an dà chuid, tidsearan agus sgoilearan air a bhith glè mheasail air. Tha an leabhar a-nis air ath-dheasachadh agus tha fiosrachadh air ùrachadh san fhoillseachadh tharraingeach seo. Tha a h-uile càil a bha cudromach mun chiad fhoillseachadh air a ghleidheadh agus tha aonadan ùra mu chuspairean tarraingeach air an cur ris. An lùib nan cuspairean ùra bidh sgoilearan ag ionnsachadh mu Phàrlamaid na h-Alba agus mun bhuaidh a tha aig ceannairc air saoghal an latha an-diugh.
Gabhaidh leabhraichean sam bith bho Stòrlann òrdachadh air 01851 700 880
