Matamataig
Faclair Matamataig – B’ e iarrtas bho sgoilearan, bho thidsearan agus bho phàrantan airson barrachd stiùiridh a thaobh a’ bhriathrachais a tha air a chleachdadh ann an sreath Matamataig Heinemann Alba a thug oirnn am Faclair seo a chur ri chèile. Bha luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus iadsan a tha ag obair anns na meadhanan cuideachd air ùidh a nochdadh ann an leithid de dh’obair. Chan eil fada bho thòisicheadh air Matamataig tro mheadhan na Gàidhlig a theagasg sna sgoiltean, ’s mar sin tha sinn an dòchas gun do rinn sinn toiseach-tòiseachaidh air obair a thèid ath-nuadhachadh ’s a leasachadh mar as motha do ghoireasan matamataig a thig am follais.
Teejay Ìre D (5-14)
Tha an leabhar taitneach, dathach seo a’ còmhdach a h-uile càil a dh’fheumas sgoilearan a dhèanamh airson Ìre D a choileanadh anns an t-sreath Matamataig 5-14. Thathar an dùil gun toir e mu bhliadhna do sgoilearan crìoch a chur air. Aig toiseach an leabhair tha caibideil anns am bi na sgoilearan a’ ruith thairis gu sgiobalta air gach cuspair a dhèilig iad ris ann an Ìre C. Bidh seo na dheisealachadh math dhaibh airson a dhol an sàs ann an obair Ìre D.
TeeJay Ìre E (5-14)
Tha an leabhar seo a’ còmhdach Ìre E anns an t-sreath Matamataig 5-14. Thathar an dùil gun toir e mu bhliadhna do sgoilearan crìoch a chur air. Aig toiseach an leabhair tha Caibideil O. Anns an earrainn seo bidh na sgoilearan a’ ruith thairis gu sgiobalta air gach cuspair a dhèilig iad ris ann an Ìre D. Bidh seo na dheisealachadh math dhaibh mus tòisich iad air obair Ìre E.
Teejay Ìre F – ri thighinn
Postair: Dè an uair a tha e?
Postair: Cumaidhean
Postair: Claran nan uireadan
Postair: Aireamhan 1 gu 100
Postair: Bloighean ● Deicheadan
Gabhaidh leabhraichean sam bith bho Stòrlann òrdachadh air 01851 700 880
