Eachdraidh
Seallaidhean à Eachdraidh – Mar a tha an tiotal ag innse, ’s e seallaidhean à eachdraidh a tha seo, a’ tabhann cothrom sùil a thoirt air sia cuspairean eadar-dhealaichte, bho Sgara Brae ann an Linn na Cloiche gu Aonadh Pàrlamaidean na h-Alba is Shasainn ann an 1707. Chaidh na cuspairean a thaghadh ri linn ’s gu bheil gach aon dhiubh air a bhith air leth cudromach ann an eachdraidh na h-Alba, a’ gabhail a-steach thachartasan a tha air cumadh a thoirt air leasachadh na dùthcha agus a tha fhathast a’ toirt buaidh oirre.
Càirdeas Eadar-nàiseanta – Chaidh an t-sreath leabhraichean taitneach Eachdraidh dhan Ìre Choitchinn a sgrìobhadh gu sònraichte do sgoilearan a tha an sàs ann an cùrsaichean aig an Ìre Choitchinn agus tha iad a’ còmhdach raon farsaing de dh’eachdraidh. Tha iomraidhean faicsinneach agus sgrìobhte ann an lùib na h-aithris; còmhla riutha sin tha ceistean agus obair. Tha stuthan a tha freagarrach do Bhun/Meadhan/Sàr Ìre ann airson an cleachdadh aig gach inbhe.
Na Meadhan Aoisean – Ionnsaichidh sibh bhon leabhar seo mu dhaoine, mu choimhearsnachdan agus mu thachartasan anns na Meadhan Aoisean – bho uachdranachd nan Sasannach air A’ Chuimrigh gu strì nan Albannach, ’s iad a’ feuchainn rin cuid soars a ghleidheadh; bho uabhas a’ Bhàis Dhuibh gu na tursan treun aig Marco Polo.
An Seann Saoghal – Ionnsaichidh sinn on leabhar seo mu dhaoine, mu choimhearsnachdan agus mu thachartasan anns an t-Seann Shaoghal – on chiad dhaoine a bha ann an Alba gu saoghal rianail nan Ceilteach; o bhuaidh agus o bheachdan na Ròimhe agus na Grèige gu làithean sìobhalta nan Sìonach. Anns an leabhar seo gheibh an leughadair a-mach air a shon fhèin an fhianais a chuidich eachdraichean gus eòlas a ghabhail air na daoine a bha ann uaireigin.
Linn nan Caochlaidhean Mòra (Imprint/Stòrlann) - Anns an leabhar seo ionnsaichidh tu mun t-sluagh, mu choimhearsnachdan agus mu thachartasan ann an Linn nan Caochlaidhean Mòra. Leughaidh tu mu strì nan Seumasach air Ghàidhealtachd na h-Alba agus mu na caochlaidhean mòra a thug buaidh air gnìomhachas agus air obair an fhearainn air feadh Bhreatainn. Ionnsaichidh tu, cuideachd, mu chùisean poilitigeach a thug gu crìch riaghladh Bhreatainn ann an Ameireaga agus mu thachartasan cudromach san Fhraing a chuir às don t-seann dòigh-beatha agus a dh’fhàg an Roinn Eòrpa fo eagal.
Rìoghachd na h-Alba anns na Meadhan Aoisean (Heinemann/Stòrlann) – ri thighinn
Gabhaidh leabhraichean sam bith bho Stòrlann òrdachadh air 01851 700 880
