Gàidhlig
Facal air an Fhacal - Leabhar – ’S urrainn dhut cànan a bhruidhinn gun a bhith eòlach air grammar ach faodaidh grammar a bhith na chuideachadh mòr, gu h-àraidh ma tha thu ag ionnsachadh no a’ teagasg cànain. Chun a seo cha robh a leithid a rud ann ri leabhar grammar sìmplidh stèidhte air Gàidhlig an latha an-diugh. Chaidh Facal air an Fhacal a chur ri chèile airson am beàrn sin a lìonadh. Chaidh a sgrìobhadh le neach-teagaisg òg ann an Oilthigh Ghlaschu, Michel Byrne, le comhairle bho luchd-teagaisg. Chaidh Facal air an Fhacal a dhealbh gu h-àraidh airson tidsearan agus airson sgoilearan àrd-sgoile – a tha an ìre mhath fileanta sa Ghàidhlig mu thràth – ach tha a h-uile coltas gum bi e feumail ann am bun-sgoiltean agus do inbhich cuideachd.
Facal air an Fhacal – Duilleagan-obrach – Tha am pasgan seo stèidhichte air an leabhar Facal air an Fhacal le Michel Byrne. ‘S i an fheallsanachd a tha air cùl nan duilleagan-obrach seo gu bheil an obair air grammar ag èirigh a-mach às na h-earrannan-leughaidh. Cuideachd, tha gach earrann-leughaidh ceangailte ri duilleagan anns an leabhar Facal air an Fhacal, agus nuair a tha na sgoilearan a’ dèanamh nan duilleagan-obrach bu chòir an leabhar a bhith aca cuideachd, gu dearbh bhiodh e math nam biodh e an-còmhnaidh fosgailte air am beulaibh.
Gràmar na Gàidhlig – B’ e Facal air an Fhacal a’ chiad ghràmar Gàidhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghàidhlig. Chaidh fhoillseachadh sa bhliadhna 2000 le SRG agus Acair. Tha an t-ùghdar, Michel Byrne, a-nis a’ toirt dhuinn leabhar eile, an turas seo le mìneachadh Beurla ach a’ gleidheadh nan eisimpleirean sa Ghàidhlig. Bidh e air leth feumail do thidsearan agus sgoilearan àrd-sgoile agus bidh e na dheagh leabhar-fiosrachaidh do luchd-ionnsachaidh.
Gràmar na Gàidhllig (Leabhar-obrach) – Tha an leabhar seo stèidhichte air an dara foillseachadh den leabhar Gràmar na Gàidhlig le Michel Byrne, a chaidh fhoillseachadh le Stòrlann/Acair ann an 2004. Bu choir an leabhar seo de dh’eacarsaich a bhith air a chleachdadh an cois Gràmar na Gàidhlig gus dearbhadh gu bheil tuigse aig gach sgoilear air na puingean gràmair a tha ag èirigh anns gach earrainn. Tha am mìneachadh gu lèir sa Bheurla leis na h-earrannan leughaidh is na h-eisimpleirean sa Ghàidhlig. Faodar coimhead ri duilleagan-cùil an leabhair airson nam freagairtean, far a bheil sin iomchaidh. Bidh e air leth feumail do thidsearan agus sgoilearan aig ceann-shuas na h-àrd-sgoile a bharrachd air a bhith na dheagh thaic do luchd-ionnsachaidh.
Seadh – Chaidh am pac seo a dheasachadh do chloinn a tha air tighinn a-steach don àrd-sgoil. Tha an cùrsa air a chruthachadh leis an fheallsanachd piseach ’s leasachadh a thoirt air a’ chloinn le sgilean cànain ann an Gàidhlig tro leughadh, sgrìobhadh, èisteachd agus labhairt. Tha trì aonadan ann – Rosg, Bàrdachd agus Beachdan.
Smeòrach Mi - Tha bàrdachd a’ chruinneachaidh seo a’ toirt thugainn ghuthan o dhiofar amannan agus dhiofar dhùthchannan fo dheich cinn a cheanglas ri obair aig an Ard-ìre agus a bheir cothrom do leughadairean eile coimeas a dhèanamh eadar na th’ aig na h-amannan agus na h-àiteannan sin ri ràdh mu iarrtasan buan ann an nàdar an duine. Am measg nan 150 dàn tha bàrdachd le fir is mnathan, le bàird ainmeil leithid Shomhairle MhicGillEain agus Ruaraidh MhicThòmais agus le bàird nach do nochd ann an cruinneachadh Gàidhlig a-riamh roimhe. Tha ro-ràdh fo gach ceann, fiosrachadh mu eachdraidh-beatha gach bàird, notaichean-taice agus beag-fhaclair mu choinneamh gach dàin.
Postair: Roimhearan fillte
Postair: Na Diofar Thràthan
Postair: Is agus Bi
Postair: Ainmearan leis an Alt
Postair: Gnìomh-ainmearan
Gabhaidh leabhraichean sam bith bho Stòrlann òrdachadh air 01851 700 880
