SQA a’ gabhail ri briathrachas An Seotal
Dhaingnich Ùghdarras Theisteanas na h-Alba an-diugh gu bheil iad a’ gabhail gu h-oifigeil ri briathrachas An Seotal.
Thuirt an t-Ùghdarras gu bheil stòr-dàta An Seotal na ghoireas cudromach airson luchd-deasachaidh agus luchd-sgrùdaidh dheuchainnean nàiseanta SQA agus gun tèid An Seotal a mholadh dha sgiobaidhean nan deuchainnean aig SQA gus dèanamh cinnteach à cunbhalachd ann am briathrachas foghlaim.
Chuir sgioba An Seotal fàilte mhòr air an naidheachd seo.
