Seirbheisean ùra air-loidhne do dh’fhoghlam Gàidhlig
Tha Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig a’ cur air bhog dà sheirbhis ùr air-loidhne do dh’fhoghlam Gàidhlig air Diardaoin 30 Lùnastal 2007.
An Seotal: Stòr-dàta briathrachais do dh’àrd-sgoiltean
Tha an Seotal a’ tarraing còmhla briathrachas sean is ùr airson teagasg chuspairean àrd-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig. Air a dhealbh le EMC ann an Nis, Leòdhas, tha an t-seirbhis ga maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba (tron Bhuidheann-ghnìomh ICT Àrd-sgoile) agus Bòrd na Gàidhlig. Nochdaidh briathrachas ùr anns an stòr-dàta gu cunbhalach thairis air an ath bhliadhna agus tha e ga chur beò anns a’ bhad fheuch am bi cothrom aig tidsearan is sgoilearan beachdan agus iarrtasan a chur ris agus feum a dhèanamh dheth fhad ‘s a tha e ga chruthachadh.
www.gaelic4parents.com: ‘I am SO very happy to have found this website!’
Shoirbhich gu mòr leis a’ chiad cheum de gaelic4parents.com, a tha a’ taisbeanadh a’ chànain do phàrantan a tha a’ beachdachadh air an cuid chloinne bige a chur ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus a’ cumail taic riuthasan a th’ air a’ chiad cheum a ghabhail agus a’ chlann aca a chur ann an sgoil-àraich no cròileagan. Thathar a-nis a’ cruthachadh coimhearsnachd air-loidhne ann an àrainneachd thèarainte do theaghlaichean le clann ann am bun-sgoiltean Gàidhlig. Faodaidh gach teaghlach duilleag-dachaigh a chruthachadh, ‘cabadaich’ le teaghlaichean eile agus bruidhinn ri luchd-taice mu obair-dachaigh no duilgheadasan-cànain.
