'An Seotal' Co-labhairt Briathrachas Eadar-lìn
Thàinig riochdairean bho dheich buidhnean Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, Ionnsachadh agus Teagasg Alba, BBC Alba agus na h-oilthighean ri chèile Diardaoin sa chaidh ann an Druim Athaisidh a dheasbad briathrachas Gàidhlig airson an eadar-lìn agus coimpiutaireachd.
Nochdaidh am briathrachas a chaidh aontachadh ann an stòr-dàta air-loidhne agus sgaoilear ann an clò e cuideachd.
Bha an latha air a chur air dòigh le Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig fo sgèith ‘An Seotal’, pròiseact a tha a’ toirt taic do theagasg chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig san àrd-sgoil le bhith a’ tional, a’ deasachadh agus a’ foillseachadh briathrachas, mar a mhìnich Criosaidh NicRath, Oifigear Leasachaidh a’ Phròiseict. ‘Mar a leudaicheas teagasg tro mheadhan na Gàidhlig san àrd-sgoil, ’s ann as motha a tha a dhìth a thaobh ghoireasan-teagaisg agus leasachadh proifeasanta do thidsearan. Tha briathrachas aig cridhe na h-obrach seo. Tha e deatamach gur e an aon bhriathrachas a thathar a’ cleachdadh ann an sgoiltean, ann an leabhraichean agus –cnag na cùise – anns na deuchainnean nàiseanta a shuidheas sgoilearan.’
Thugadh cothrom do bhuidhnean eile pàirt a ghabhail anns an obair leasachaidh ann an Druim Athaisidh leis mar a thathar a’ toirt prìomhachas do cho-obrachadh mar dhòigh gus barrachd co-chòrdadh a bhrosnachadh agus dùblachadh a sheachnadh. Mhìnich Mòrag NicDhòmhnaill, neach-deasachaidh an làraich ‘Gàidhlig air-loidhne’ aig Ionnsachadh agus Teagasg Alba gu bheil ‘briathrachas eadar-lìn agus coimpiutaireachd gu math bitheanta agus stèidhichte anns a’ Bheurla ach chan eil fhathast anns a’ Ghàidhlig. Tha companaidhean a’ cosg tòrr ùine ag eadar-theangachadh briathrachas agus tha tòrr eadar-theangachaidhean ann airson fhaclan leithid ‘download’ no ‘bookmark’. Tha seo na chnap-starra do luchd-cleachdaidh, gu sònraichte clann agus òigridh.’
Chualar òraidean bho Una NicDhòmhnaill bho BBC Alba, Dòmhnall Iain Dòmhnallach on chompanaidh neo-eisimileach Sealgar, Catrìona Mhoireach bho Stòrlann agus Leo McNeir bho The European Language Initiative (TELI). ’S e TELI a tha a’ gabhail os làimh Vista eadar-theangachadh airson Microsoft agus nochd an stiùiriche, Leo McNeir, cho toilichte is a bha e gun robh a’ choimhearsnachd Ghàidhlig air a thighinn cruinn còmhla gus briathrachas aontachadh anns an raon chudromach seo. Chuir Anna NicSuain bho Cholaiste a’ Chaisteil an cèill na bha daoine a’ faireachdainn le bhith ag ràdh gur e an aon aithreachas a bh’ oirre ‘nach do rinn sinn seo o chionn fichead bliadhna’.
Tha ‘An Seotal’ air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig. Faodar an làrach a rannsachadh aig www.anseotal.org.uk.
