Tha thu ann an seo: Dachaigh / Mur deidhinn


Mur deidhinn

‘S e a’ chiad ìre de phròiseact briathrachas Gàidhlig a th’ anns An Seotal, far am bithear a’ cruthachadh stòr-dàta briathrachais air-loidhne, airson teagasg tro mheadhan na Gàidhlig anns an àrd-sgoil. Bheir seo gu buil aonta eadar-bhuidhne air briathrachas ann an fhoghlam, thèid obair deasachaidh ghoireasan a dhèanamh a’ cleachdadh briathrachas aontaichte, agus cuiridh e às dha uallach air solaraichean airson a bhith a’ cruthachadh briathrachas.

Tha am pròiseact seo a’ cleachdadh siostam CMS ‘Open Source’ gus leigeil le tuilleadh phròiseactan briathrachas agus foghlam buannachd fhaighinn às an obair a th’ air a ghabhail os-làimhe. Bidh an stòras na bhuannachd dha solaraichean foghlam aig ìre bun-sgoil, àrd-sgoil, àrd-ìre agus foghlam fad beatha, agus dha buidhnean eile mar craoladairean. A thuilleadh air an sin, bidh e na ghoireas feumail do luch-sgrìobhaidh fhaclairean agus thèid na prionsabalan aige a chleachdadh ann an gnìomhan eile dha leithid.

Co-òrdanaichean

Tha am pròiseact air a cho-òrdanachadh le Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig a chaidh a stèidheachadh le Riaghaltas na h-Alba ann an 1999, airson seirbhis a thoirt seachad do gach earrann de dh' fhoghlam Gàidhlig agus gu h-àraidh airson a bhith a’ co-òrdanachadh ullachadh agus sgaoileadh stuthan teagaisg Gàidhlig.

Thòisich Criosaidh NicRath mar Oifigear Phròiseact anns An Lùnastal 2007.

Luchd-Leasachaidh

Tha Enterprise Management Consulting Ltd, stèidhichte ann an Eilean Leòdhais, air an cùmhnant fhaighinn airson an siostam riaghlaidh susbaint a sholarachadh agus an stòr-dàta a chruthachadh.

Cuimsean agus Amasan

Tha am pròiseact seo a’ cuimseachadh air stòr-dàta de bhriathrachas a chruthachadh airson a bhith a’ teagasg measgachadh de chuspairean anns an àrd-sgoil tro mheadhan na Gàidhlig. Bidh an fhiosrachadh a leanas air an stòr-dàta:

  • Briathrachas anns a’ Bheurla agus anns a’ Ghàidhlig
  • Fiosrachadh briathradaireachd iomchaidh eile, m.e. gnè ainmearan, facail iomarra agus cruthan eile
  • Cuspair(ean) ris a bheil ceangal sònraichte aig a’ bhriathrachas
  • Eisimpleirean de chleachdaidhean far a bheil sin iomchaidh