Tha thu ann an seo: Dachaigh




Fàilte chun An Seotal - an Stòr-dàta Briathrachais Gàidhlig

Cuimsean agus Amasan

Tha am pròiseact seo a’ cuimseachadh air stòr-dàta de bhriathrachas a chruthachadh airson a bhith a’ teagasg measgachadh de chuspairean anns an àrd-sgoil tro mheadhan na Gàidhlig. Bidh an fhiosrachadh a leanas air an stòr-dàta:

  • Briathrachas anns a’ Bheurla agus anns a’ Ghàidhlig
  • Fiosrachadh briathradaireachd iomchaidh eile, m.e. gnè ainmearan, facail iomarra agus cruthan eile
  • Cuspair(ean) ris a bheil ceangal sònraichte aig a’ bhriathrachas
  • Eisimpleirean de chleachdaidhean far a bheil sin iomchaidh

Fiosrachadh dha luchd-cleachdaidh

Cha bhith am pròiseact seo deiseil gu deireadh 2008 agus le sin cha bhith làn-fhiosrachadh air an làraich fhads a thathas a’ cruinneachadh agus a’ cruthachadh susbaint air a shon. Cuideachd, bidh obair leasachaidh a’ leantainn mar a tha am pròiseact a’ dol air adhart, agus mar sin, chuireadh sinn luach air bhur foighidinn anns an eadar-ama.

Ma tha beachd agaibh air briathrachas bu choir a bhith anns an stòr-dàta, no ma tha molaidhean sam bith agaibh, leigibh fios dhuinn air duilleag na Molaidhean.


Term of the day

teicneòlas technology noun (masculine)

Right menu

Rannsaich Luath

Beurla gu Gàidhlig
Gàidhlig gu Beurla

An do dh’fhàg sinn facal as?

Facal sònraichte a dhìth, no moladh air dòigh eile? Cuir thugainn do bheachdan!